Switch to English

Glasgow Gaelic Musical Association

Clàr-iùil
 

Fàilte

Chaidh Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu a chur air chois ann an 1893 agus ‘s i a’ chòisir as sine ann an Alba. Tro a h-eachdraidh tha a’ chòisir air a’ chànan Ghàidhlig agus gu sònraichte seinn còisir Gàidhlig a bhrosnachadh.

Tha a’ chòisir bho riamh air a bhith stèidhichte ann an Taobh Siar Ghlaschu agus bithear a’ coinneachadh gach Oidhche Luain aig 7.45f ann an Eaglais Phartaig a Deas air Rathad Dhùn Bhreatainn rè teirm na sgoile.

Cìsean ballrachd:
    £85 làn bhallrachd
    £25 ballrachd oileanach

Ma tha thu airson a bhith bad bhall, no ma tha thu a’ lorg tuilleadh fiosrachaidh mu ar deidhinn, cuir fios thugainn.

Mòran taing,

Coinneach MacThòmais
Stiùiriche