Switch to English

Glasgow Gaelic Musical Association

Clàr-iùil
 

An t-Oide Gàidhlig

Tha an t-Oide Gàidhlig bho riamh air a bhith deatamach dhan chòisir agus, a rèir na ciad notaichean clàraichte, b’ e Mgr Iain MacCallum a’ chiad fhear a bha san dreuchd.

Ann an 1922 chaidh Dòmhnall MacIndeor a stèidheachadh mar Oide Gàidhlig, dreuchd a bh’ aigesan gu 1940 nuair a ghabh Màiri B. Nic a’ Mhaoilein a-null bhuaithe.

Ann an 1938 ghabh Aonghas Dòmhnallach, fear de laoich na còisir, an uallaich gus an do ghabh Peadar MacLeòid a-null ann an 1956. Dh’fhuirich Mgr MacLeòid san dreuchd gu 1968.

An dèidh 1968 bha grunn diofar dhaoine san dreuchd, nam measg: Nan Dhùghlas, Dòmhnall I. Mac a’ Phiocair, a bha na oide sna 70an agus a-rithist sna h-80an, Mairead Farmer, Dòmhnall Meek, Oighrig NicDhòmhnaill, Ealasaid NicDhòmhnaill, Donaidh Moireach agus Calum MacArtair.

Ann am meadhan na h-80an, an dèidh do Dhòmhnaill MhicArtair an dreuchd fhàgail, bha a’ chòisir fortanach Mina Nic a’ Ghobhainn fhastadh. Tha Mina fhathast san dreuchd an-diugh.

Rugadh agus thogadh Mina ann an Leòdhas agus an dèidh ceumnachadh bho Oilthigh Ghlaschu le MA ann an Gàidhlig agus Eachdraidh, thòisich i na dreuchd mar thidsear. An dèidh teagasg ann an àrd-sgoiltean ann an sgìre Ghlaschu, thòisich i na h-òraidiche Gàidhlig pàirt-ùine ann an Colaiste Chnoc Iòrdain. Bha i cuideachd ag obair pàirt-ùine mar oide Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu, a thuilleadh air a bhith a’ teagasag diofar chlasaichean oidhche.

Tha Mina air a bhith na preasantair air prògraman rèidio dhan BhBC agus bha i soirbheachail fad bhliadhnaichean mar bhana-chleasaiche anns an t-siabann Gàidhlig, Machair, a’ cluich Anna NicRath.

Bho thòisich i mar Oide Gàidhlig na còisir, tha Mina air piseach mhòr a thoirt air ìre na còisir, a’ cuideachadh nam ball gus an sgilean labhairt a leasachadh. Bidh i cuideachd a’ cur air dòigh eadar-theangachaidhean agus faidhleachan fuaime de na h-òrain air fad.

Bho riamh, tha Mina air a bhith gu mòr an sàs ann am buidhnean dràma na còisir agus b’ ann tro a brosnachadh ’s a cuideachadh a chaidh a’ bhuidheann a stèidheachadh bho thùs.

Ann an 1988, aig Mòd Nàiseanta Rìoghail Ghlaschu, thàinig obair agus oidhirpean Mhina am follais nuair a choisinn a’ chòisir Cuach an Albannaich Sheachdaineil airson na comharran a b’ àirde ann an Gàidhlig ann am farpais Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn. On uair sin, tha a’ chòisir, aig diofar amannan, air a h-uile duais Ghàidhlig a thogail. Tha a’ chòisir air an duais iomlan airson Gàidhlig a choisinn grunn thursan agus tha seo na theisteanas air obair chruaidh Mhina gus ìre fileantachd na còisir a leasachadh.

Tha sinn an dòchas gun lean Mina oirre a’ brosnachadh na Gàidhlig tro bhith ag obair leis a’ chòisir airson iomadach bliadhna fhathast.

 

Iomradh mu Choinneach MhicThòmais le Mina Nic a' Ghobhainn