Switch to English

Glasgow Gaelic Musical Association

Clàr-iùil
 

Fàilte a’ Chinn-suidhe

Chaidh Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu a chur air chois ann an 1893, agus tha eachdraidh phròiseil ann bhon uair sin. Sheall mi air na h-amasan a chuir iad romhpa fhèin air ais ann an 1898, agus bheachdaich mi an dùil an robh sinn dìleas riutha chun an làtha an-diugh.

Bha iad airson a bhith a’ leasachadh agus a’ cleachdadh òrain Ghàidhlig, agus a’ cruinneachadh agus a’ cur co-sheirm ri òrain nach robh fhathast ann an clò. Nuair a sheallas mi air a’ chruinneachadh mòr de dh’òrain a tha Coinneach MacThòmais air a leasachadh, agus air co-sheirm àlainn a chur orra, saoilidh mi gu bheil sinn gu cinnteach a’ cumail oirnn mar a dh’iarr iad. Cuideachd, chuir iad romhpa cothrom leasachaidh a thoirt do na buill a thaobh a bhith ag ionnsachadh ciùil, agus a bhith a’ dèanamh adhartais a thaobh guth seinn. Bidh sinn an-diugh a’ cur ceòl air an eadar-lìon airson gun urrainn do bhuill na còisir èisteachd ris nan àm fhèin, còmhla ri ceòl sgrìobhte an òrain, agus a’ Ghàidhlig. Saoilidh mi gu bheil sinn gu cinnteach a’ dèanamh mar a bha iad an dùil, ann an saoghal ùr nach gabhadh creidsinn san latha sin!

Ach cuideachd, ghuidh iad oirnn a bhith a’ dèanamh rud sam bith eile a tha freagarrach agus iomchaidh, ach cha tuirt iad càil idir mu dheidhinn inbhe na Gàidhlig àrdachadh. Nach eil sin inntinneach! Dh’fhaodadh gu robh iad a’ smaoineachadh nach robh feum air an seo a ràdh oir gu robh seo fìllte an lùib nan amasan co-dhiù.

Bidh a’ chòisir a’ gabhail pàirt sa Mhòd Nàiseanta gach bliadhna, agus cuideachd Mòdan ionadail. Bidh sinn a’ cur air dòigh cuirm-chiùil air an dara Dihaoine den Mhàirt gach bliadhna, rud a tha dol air ais suas ri ceud bliadhna. Thairis air na bliadhnaichean, tha an oide Ghàidhlig air a bhith a’ toirt taic do bhuill na còisir airson an cuid Gàidhlig a leasachadh, ma tha seo a dhìth. Tha Mina Nic a’ Ghobhainn a’ cur an uamhas obair ann an seo, agus cuideachd, tha leasanan Ghàidhlig rim faighinn airson adhartas a dhèanamh le Cairtean Gàidhlig a’ Chomuinn, agus tha seo air a mhaoineachadh leis a’ Chomunn Ghàidhealaich. Aig aon àm bha a’ chòisir uamhasach soirbheachail an lùib dràma Gàidhlig aig a’ Mhòd Nàiseanta cuideachd.

Ach bidh sinn a’ dèanamh fada a bharrachd air an sin! Thairis nam bliadhnaichean, tha a’ chòisir air a bhith a’ dèanamh mòran rudan inntinneach airson spòrs, agus airson faighinn eòlas air a chèile. Cuideachd, bidh sinn a’ dèanamh rudan airson airgead a chruinneachadh airson carthannas. Tha an saoghal gu math eadar-dhealaichte an-diugh an coimeas ri mar a bha e an 1893, ach tha mi cofhurtail gu bheil ar sùilean fhathast air na h-amasan a chuir iad siud romhpa fhèin!

‘S e eisimpleir math a th’ ann an còisir airson a bhith ag obair ann an sgioba, rud a tha air fhaicinn glè luachmhor ann an saoghal an latha an-diugh. Cuideachd ‘s e cur- seachad air leth math a th’ ann airson a bhith a’ faighinn fois bho strì an àite-obrach neo beatha thrang. Ma tha thu airson adhartas a dhèanamh le bhith ag ionnsachadh Gàidhlig, neo ma tha thu a’ lorg càirdean ùr a tha blàth agus spòrsail, nach tadhail thu oirnn air oidhche Luain ann am Partaig, fìor dhachaigh nan Gàidheal ann am Baile Ghlaschu. Chan fheum Gàidhlig a bhith agad, agus chan fheum comas ceòl a leughadh a bhith agad nas mò. Bidh sinn toilichte ur faicinn!