Switch to English

Glasgow Gaelic Musical Association

Clàr-iùil
 

Iomradh mu Choinneach MhicThòmais

Co ris a tha e coltach a bhith ag obair leis a’ chòisir còmhla ri Coinneach? Sin a’ cheist a tha agamsa ri freagairt anns an iomradh seo.

Tha mise air a bhith ‘g obair còmhla ri Coinneach, nam oide Gàidhlig aig Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu, airson còrr math is fichead bliadhna agus feumaidh mi a ràdh nach deach sinn a-mach air a chèile fad nam bliadhnaichean sin. Saoilidh mise gu bheil Coinneach ‘s mi-fhèin ‘s buill na còisir air a bhith ag obair mar sgioba agus gu bheil a’ bhuil, leis cho soirbheachail ‘s a tha a’ chòisir air a bhith rè nam bliadhna.

Tha Coinneach anabarrach math air co-sheirm a chur ri fuinn – a’ toirt prìomhachas do gach pàirt fa-leth, mar a bhios sin freagarrach. Tha e ‘n còmhnaidh deiseil gu comhairle iarraidh air ciamar a tha na briathran a’ freagairt air ruitheam agus pongan a’ chiùil.

Fhad ‘s a tha buill na còisir ag ionnsachadh pongan a’ chiùil bidh Coinneach a’ gabhail na fir (no na mnathan) airson sin a dhèanamh gu mionaideach, a’ fàgail cothrom agamsa dhol thairis air na facail agus mìneachadh nam briathran, leis an fheadhainn nach eil ag obair air na pongan.

Aon uair ‘s gu bheil iad aig an ìre far a bheil na facail ‘s an ceòl deiseil gus a thighinn còmhla, tha sinn, le chèile, a’ sùileachadh gum bi iad a’ cur cudthrom air facail shònraichte san òran, gus mìneachaidh an òrain a dhèanamh soilleir. Beag air bheag, tòisichidh cumadh coileanta a’ tighinn air a’ ghnothaich agus thèid atharraichean beaga a dhèanamh an siud ‘s an seo. Tha Coinneach cuideachd deiseil gu èisteachd ri duine sam bith a chluinneas rud sam bith nach eil buileach ceart, a thaobh a’ chiùil no nam briathran, agus sin a rèiteach.

Gun fhios nach bi sibh a’ smaoineachadh gu bheil a h-uile dad brèagha, dòigheil fad na h-ùine, feumaidh mi aideachadh gum bi corra uair ann nuair a dh’èireas a chabar air Coinneach, ach chan ann gun adhbhar! Nuair a bhios e air seachdain an dèidh seachdain a thoirt a’ sìor ruith thairis air an aon earrann den cheòl, agus nach eil a’ chòisir fhathast ga fhaighinn ceart, fàsaidh cùisean caran sradagach ach, a-rithist, feumaidh mi aideachadh gu bheil mise, mi-fhèin, air dearg eagal am beatha a chur orra bho àm gu àm ‘s mi trod mu cho mì-chùramach ‘s a tha iad!

Nuair a thig e gu bhith taghadh òrain a bhios freagarrach airson suidhichidhean eadar-dhealaichte, tha Coinneach an còmhnaidh a’ sireadh bheachdan agus deònach gabhail ris gach beachd cothromach. ‘S ann ainneamh a’ spàrras e bheachd fhèin oirnn gu buileach. Saoilidh mi gu bheil an tairgse a th’ aig Coinneach air ceòl Gàidhlig agus, cho fiosraichte ‘s a tha e air òrain Gàidhlig, follaiseach anns na co-sheirm a tha e air a chruthachadh.

‘S e duine a th’ ann an Coinneach a tha anabarrach dripeil a thaobh nithean a bhuinneas ris a’ chòisir (agus gnothaichean eile cuideachd) agus chan eil mìr dheth leisg ach, uaireannan, (mar a mhòr-chuid againn) bidh e a’ dìochuimhneachadh rudan!