Switch to English

Glasgow Gaelic Musical Association

Clàr-iùil
 

Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu

Chuireadh Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu air chois anns a’ bhliadhna 1893 – bliadhna an dèidh don Chomunn Ghàidhealach a bhith air a stèidheachadh.

 

Eachdraidh Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu

Toiseach Tòiseachaidh (1893-1918)

Ged a chaidh a’ Chòisir a stèidheachadh anns a’ gheamhradh 1893 bha 1897 ann mus deach clàradh oifigeil a dhèanamh air na bha an Comunn a’ cur air adhart. Chaidh geàrr-iomradh den chiad ceithir bliadhna a chur mar roimh-ràdh ris a’ chiad geàrr-chunntas oifigeil a chaidh a sgrìobhadh. Cha robh stiùiriche idir aig a’ Chòisir nuair a chaidh a stèidheachadh ach bha fear, Mgr Tormod MacDhòmhnaill, air ainmeachadh san dreuchd goirid an dèidh sin.

Tha e air inns gun robh fichead ball an làthair aig a’ Choinneamh Bhliadhnail ann an 1897; bha an Comunn a’ soirbheachadh agus bha iad moiteil às na chaidh aca air a dhèanamh anns a’ bhliadhna roimhe sin. Chaidh gabhail ri ciad riaghailtean a’ Chomuinn anns an 1898 agus b’ e na h-amasan a bh’ aca “a bhith a’ leasachadh agus a’ cleachdadh òrain Ghàidhlig; a’ cruinneachadh agus a’ cur co-sheirm ri òrain nach robh fhathast an clò; a’ toirt cothrom leasachaidh do na buill a thaobh a bhith ag ionnsachadh ciùil agus a bhith a’ dèanamh adhartais a thaobh guth seinn; agus rud sam bith eile a tha freagarrach agus iomchaidh”.

Cha deach dad a chur ann an sgrìobhadh mu àrdachadh inbhe na Gàidhlig ach chan eil e soilleir an ann air sgàth ‘s nach robh iad a’ faicinn seo mar amas cudromach aig an àm, no an robhas den bheachd gun robh seo fillte an lùib nan amasan co-dhiù.

On fhìor thoiseach, bha an Comunn a’ toirt prìomh àite do Bhuill Urramach agus tha na h-ainmeanan a th’ air an clàradh ann an 1987 a’ dearbhadh, chan e a-mhàin an inbhe a bh’ aig an GG am measg Ghàidheil, ach cuideachd an cliù a bh’ aig Gàidheil air feadh Bhreatainn.

Cha robh a’ Chòisir idir a’ frithealadh gach Mòd Nàiseanta aig toiseach tòiseachaidh agus cha do thog iad Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn gu 1909 ann an Sruighlea. Bha a’ Chòisir air a stiùireadh aig an àm sin le Uilleam Armstrong agus b’ esan a bh’ air an stiùir cuideachd nuair a thug iad buaidh a-rithist ann an Inbhir Nis ann an 1912. An turas seo bha iad fhèin agus Còisir Steòrnabhaigh co-ionann. B’ e seo an ceathramh turas a chrìochnaich an fharpais le dà chòisir co-ionann sa phrìomh àite. Goirid an dèidh seo chuir An Comunn Gàidhealach romhpa nach tachradh an leithid a-rithist agus gu feumadh cùisean a bhith air an rèiteach le gach còisir a bhith a’ seinn am fonn-sailm “French” gus dearbhadh cò a b’ fheàrr, ach gu ruige seo cha deach an dòigh dearbhaidh seo a chleachdadh riamh. Aig an àm-sa bha na Cuirmean-ciùil Bhliadhnail, agus gach taic a bhathas a’ tairgse do na comuinn Ghàidhealaich eile sa choimhearsnachd, air am meas a’ cheart cho cudromach ri farpaisean a’ Mhòid Nàiseanta.

Chan eil fios no cinnt càite an deach a’ chiad Cuirm-chiùil a chumail ach tha prògram an dàrna Cuirm a’ dearbhadh gur ann san “Talla Mhòr, an Seòmraichean Bhaterliù” a chaidh a’ Chuirm sin a chumail air an 24mh den Mhàrt, 1896. Tha e follaiseach o na tha sgrìobhte gun robh a’ chomataidh a’ dèanamh mòran obrach ann a bhith ag ullachadh agus a’ deasachadh airson na Cuirm-chiùil agus tha e soilleir gum faodadh moit gu leòr a bhith orra airson cho math ‘s a chaidh leotha. Tha e follaiseach cuideachd gun robhas a’ toirt taic do mhòran de na comainn Ghàidhealaich eile ann an Glaschu agus na ceàrnaidhean mun cuairt.

Cha deach na Mòdan Nàiseanta air adhart idir fad a’ Chogaidh Mhòir, ach chaidh aig a’ Chòisir air cumail orra leis na Cuirmean-ciùil agus a rèir cunntais bha seo gu mòr an crochadh air an obair ionmhalta a rinn na boireannaich. Tha ainm gach ball a thogadh don Chogadh air an clàradh agus dhiubh sin cha do chailleadh ach aon fhear, Mgr Eachann Moireasdan.

B’ ann an 1915 a leig Uilleam Armstrong dheth a dhreuchd mar stiùiriche an dèidh trì bliadhna deug. Chaidh A. W. MacDhonnchaidh na àite-san airson dà bhliadhna agus lean J. H. Dennistoun esan, airson dà bhliadhna eile. Anns an Ògmhios 1919 chur a’ chomataidh sanas ann an dà phàipear-naidheachd an Glaschu a’ sireadh stiùiriche ùr. Chuir dithis airson na h-obrach agus chaidh I. T. MacDhonnchaidh a thaghadh le dòchas gum fuireadh e na b’ fhaide na rinn an dithis roimhe.

 

Linn MhicDhonnchaidh (1919-1967)

Anns na bliadhnaichean an dèidh a’ Chogaidh Mhòir thàinig leasachadh air ballrachd agus air comas na Còisir. Bha farpaisean a’ Mhòid Nàiseanta nam pàirt cudromach den obair bhliadhnail agus tha na duaisean a choisinn iad a’ toirt luaidh air cho math ‘s a chaidh dhaibh. Chaidh I. T. MacDhonnchaidh còmhla riutha chun a’ chiad Mhòd aige ann an 1919 agus fhuair a’ Chòisir an dàrna h-àite ann am farpais MhicShimidh agus Tulaich Bhàrdainn le Còisir Dhùn Dèagh sa chiad àite ach an ath-bhliadhna a-rithist rinn Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlachu a’ chùis air Dùn Dèagh agus thog iad an Sgiath. Thog Mgr MacDhonnchaidh agus a’ Chòisir a’ phrìomh dhuais seo deich uairean uile lèir rè nam bliadhnaichean ach bha 1924 agus 1925 gu h-àraidh soirbheachail oir thog Còisir nam Fear agus Còisir nam Ban duaisean anns an dà bhliadhna sin cuideachd.

Ged nach do thog iad a’ phrìomh dhuais tuilleadh gu 1936 bha iad an lùib nan Còisirean a b’ fheàrr fad na h-ùine seo. A bharrachd air farpaisean nam Mòdan bha dà Chuirm-chiùil ann gach bliadhna – aon, goirid an dèidh a’ Mhòid agus a’ Chuirm Bhliadhnail air an dàrna Dihaoine den Mhàrt. Bhiodh sluagh mòr an làthair aig na Cuirmean sin – uaireannan còrr is mile duine; agus bhathas a’ dèanamh gu leòr airgead asta airson cosgaisean a’ Mhòid a phàigheadh dhan Chòisir.

A bharrachd air a’ Chòisir fhèin bha annasan de dhiofar seòrsa a’ nochdadh air na Cuirmean; mar eisimpleir còmhraidhean chàraid ann an Gàidhlig; dealbhan-cluiche èibhinn, a-rithist ann an Gàidhlig; dannsairean agus luchd-ciùil. Uaireannan cha ghleidheadh an Talla na bha de dhaoine ag iarraidh a-steach ach cuimhnichibh, bha seo mus tàinig linn an telebhisean!

Gu tric sna làithean sin bhathas a’ toirt fiachadh do Ghàidheal ainmeil a bhith na Fhear-cathrach (no Bean-chathrach) agus bha an cothrom aca òraid a lìbhrigeadh air cuspair co-cheangailte ri saoghal nan Gàidheal no ri cultar na Gàidhlig. B’ e Iseabail NicDhòmhnaill (nighean a’ Phrìomhaire Ramsay MacDhòmhnaill) a bha na Bean-chathrach ann an 1931 ‘s bha seo na mhòr urram cha b’ ann a-mhàin dhan GG ach dha na Gàidheil air fad.

Lean buill na Còisir orra a’ toirt deagh thaic do na comainn Ghàidhealach eile fad nam bliadhnaichean eadar an dà chogadh agus sin a dh’aindeoin cruadal is cruaidh-chàs na h-ama. Gu dearbh, ‘s ann ainneimh a thathas ag ainmeachadh duilgheadasan sam bith co-cheangailte ris an àm ach tha e air inns nach deach a’ Chòisir gu Mòd a’ Ghearasdain ann an 1922 air sgàth cosgais, agus ann an 1924 bhathas a’ beachdachadh air ciamar a b’ urrainn dhaibh cuideachadh leis na bha An Comunn Gàidhealach a’ dèanamh airson faochadh a thoirt do mhuinntir na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean.

Ged a chaidh casg a chur air na Mòdan Nàiseanta nuair a thòisich an Dàrna Cogadh ann an 1939 lean buill na Còisir orra a’ coinneachadh agus a-rithist b’ e na boireannaich, gu ìre mhòr, a chùm cùisean a’ dol. Chaidh Iubaili na Còisir a chomharrachadh ann an 1943 le Cuirm-chiùil shònraichte. An dèidh a’ Chogaidh cha b’ fhada gus an robh a’ Chòisir a-rithist a’ toirt buaidh air farpaisean is eile ach cha robh an àireamh-sluaigh a bha a’ frithealadh nan Cuirmean-ciùil idir cho àrd ‘s a bha iad ron chogadh.

Ràinig a’ Chòisir trì fichead bliadhna a dh’aois ann an 1953 agus chuir Pròbhast agus Àrd-Uachdarain baile Ghlaschu urram air na buill le Cuirm-Baile. Choisinn a’ Chòisir Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn sa bhliadhna sin ann am Baile Bhòid agus nochd iad air an telebhisean airson a’ chiad uair aig còisir Gàidhlig sam bith air telebhisean – agus cuideachd b’ e seo a’ chiad uair a nochd fear togail an fhuinn air telebhisean; chiadh an urram seo gu Pàdraig MacLeòid agus ‘s e bha airidh air.

Chùm Mgr MacDhonnchaidh ‘s a’ Chòisir orra a’ dèanamh gu math aig farpaisean is eile anns na bliadhnaichean a lean, ach cha robh cùisean airgid idir cho soirbh dhaibh sna bliadhnaichean ud.

Leig Iòseph MacDhonnchaidh dheth a dhreuchd ann an 1967. Bha an talla loma-làn airson a’ Chuirm-chiùil mu dheireadh aige agus aig an Dinnear Tabhartais aige chruinnich iad às gach ceàrn de dh’Albainn agus Sasainn airson “mòr urram a chur air fear a rinn barrachd air duine sam bith eile airson adhartas agus piseach a thoirt air Ceòl Gàidhlig Chòisirean”.

 

Linn MhicThòmais (1983-An latha an-diugh)

Cha b’ e gnothach soirbh a bh’ ann stiùiriche ùr fhaighinn nuair a leig Iòseph MacDhonnchaidh dheth a dhreuchd an dèidh faisg air leth-cheud bliadhna san obair. Bha ceathrar aig stiùir na Còisir anns na bliadhnaichean eadar 1967 agus 1975, gach duine aca airson ùine geàrr – b’ iad Raibeart MacCaluim, Eoin Hamilton, Iain Mac an Tòisich agus Gòrdan Frier. A thuilleadh orrasan, stiùir Norma NicDhùghaill – tè de bhuill na Còisir fhèin – a’ Chòisir airson trì bliadhna ‘s bu mhòr an call e nuair a b’ fheudar dhithse an obair fhàgail.

B’ ann ann an 1975 a ghabh Anna Strachan a’ Chòisir os làimh. Bha ise aig an àm sin na Bean-chomhairleachaidh Ciùil ann an Roinn an Fhoghlaim an Glaschu. Lean i air stiùir Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu airson ochd bliadhna, gus an do ghluais i gu bhith na Bean-stiùiridh Ciùil ann an Siorrachd Lannraig agus anns na h-ochd bliadhna sin thug i piseach mòr air a’ Chòisir.

B’ e Coinneach MacThòmais, a tha fhathast aig an stiùir, a ghabh an obair os làimh an uair sin. Fon stiùireadh aigesan, lean an t-adhartas, leis a’ Chòisir a’ toirt taic don choimhearsnachd Ghàidhealach ann an Glaschu, agus sna ceàrnaidhean mu chuairt a’ bhaile sin, a thuilleadh air a bhith a’ gabhail pàirt ann am farpaisean.

Bha an dà bhliadhna 1989 agus 1990 gu h-àraidh soirbheachail a thaobh duaisean, oir thog an Còisir cha-mhòr a h-uile duais a b’ urrainn dhaibh aig a’ Mhòd Nàiseanta. Bha iad gu h-àraidh moiteil nuair a ghlèidh iad Duais Cuimhneachain I. T. MacDhonnchaidh (airson na comharran a b’ àirde ann an ceòl thairis air na ceithir farpaisean) agus sin airson a’ chiad uair. Rè na h-ùine-sa tha a’ Chòisir air a bhith a’ gabhail compàirt ann am Mòdan ionadail, gu soirbheachail, agus chan eil seo a’ dèanamh cron sam bith air an ullachadh a thathas a’ dèanamh airson na Mòdan Nàiseanta.

B’ e an turas a thug a’ Chòisir gu Fèis ann am Morlaix sa Bhreatainn Bhig ann an 1947 (ann an cuideachd Còmhlan Phìobairean Polais Ghlaschu agus Buidheann Ball-coise Pàirce na Banrigh) an aon chuairt a thug iad air Taobh a-muigh crìochan Albann gus a’ bhliadhna 1992, nuair a ghabh a’ Chòisir compàirt ann am farpaisean Fèis Pan Ceilteach na Gailmhinn (an Èireann) agus a chaidh gu fìor mhath leotha.