Switch to English

Glasgow Gaelic Musical Association

Clàr-iùil
 

Coinneach MacThòmais

Stiùiriche
1983-

Rugadh Coinneach MacThòmais ann an Ceann Loch Chille Chiarain anns an Lùnastal 1949. B’ e sàr sheinneadair a bha na mhàthair, Betty, ach cha robh comas seinn aig athair idir!

Fhuair Coinneach oideachadh bun-sgoile ann am Bun-sgoil Dalintober, far an robh, airson a’ chiad dà bhliadhna, Eideard Pursell, a sgrìobh òrain leithid Tuireadh Iain Ruaidh, na mhaighstir-sgoile. Nuair a dh’fhàg Mgr Pursell, thàinig Eachann MacNèill, am fear a dh’ionnsiach na ciad òrain Ghàidhlig dha Coinneach, òrain leis an do choisinn e Duais Cuimhneachaidh Rhona Nic a’ Phiocair aig Mòd Ionadail Cheann Loch Chille Chiarain timcheall air 1957. Cuideachd le buaidh làidir ann an Dalintober, bha M. G. MacCallum (athair Raibeart agus an stiùiriche ainmeil a bh’ aig Còisir Ghàidhlig Cheann Loch Chille Chiarain), a bhiodh a’ tighinn chun na sgoile gach dàrna Dihaoine gus ceòl a theagasg – b’ e seinn a bhiodh ann daonnan.

Ghluais Coinneach à sin gu Sgoil Keil ann an Dùn Bhreatann, far an d’ fhuair e leasain ann an seinn Gàidhlig leis a’ Bh Emily Donaldson agus às an sin chaidh e a dh’obair mar Neach-trèanaidh Rianachd dha Seirbheis Nàiseanta na Slàinte ann an 1968. Bha cùrsa-dreuchd barraichte aige ann am Manaidsearachd na Seirbheis Slàinte airson 32 bliadhna – mu dheireadh mar Àrd-stiùiriche Urras SNS Yorkhill.

Nuair a thàinig Coinneach a Ghlaschu bha e a’ seinn còmhla ri Còisir Fiolarmonach Ghlaschu agus an uair sin thurchair e air Màrtainn MacAoidh, thug esan air a thighinn a sheinn còmhla ris a’ chòisir aig Mòd Dhùn Omhain 1968 – dìreach gus beagan taic a thoirt dha na basses! Tha na sia seachdainean sin a-nis air cha mhòr 50 bliadhna a ruighinn!

Ghabh Nan Dhùghlas Coinneach fo a sgèith agus b’ ise a mhol gum feuchadh e air an Aigeallan Airgid, ’s bhiodh e gach Disathairne a’ tadhal air Iain agus Nan gus òrain a sheinn agus biadh a ghabhail còmhla riutha. Choisinn Coinneach an t-Aigeallan Airgid aig Mòd Chille Brìghde an Ear ann an 1975 agus lean e air gus am Bonn Òir fhaighinn ann an Steòrnabhagh ann an 1979 agus, leis gun robh Iain agus Nan air gluasad à Glaschu, fhuair Coinneach oideachadh Gàidhlig bho Dhòmhnall Iain Mac a’ Phiocair. Fhuair e cuideachd leasain ann an seinn bho Winifred Busfield.

Ann an 1980 chaidh iarraidh air Coinneach a dhol na stiùiriche air Còisir Ghàidhlig Chille Bhrìghde an Ear agus, fo stiùir, choisinn iadsan Duais Mhairead NicDhonnchaidh aig Mòd 1983. Goirid roimhe seo ge-tà bha Coinneach air gabhail ri cuireadh àite Anne Strachan a ghabhail mar stiùiriche Cheòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu.

Tha Coinneach air a bhith a’ stiùireadh na GGs bho 1983 agus ’s iomadh duais a choisinn iad còmhla aig mòdan on uair sin – a’ tòiseachadh ann an 1989 nuair a bhuannaich a’ chòisir Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn airson a’ chiad turas ann an 24 bliadhna. On uair sin tha a’ chòisir air duaisean fhaighinn cha-mhòr gach bliadhna.

Tha an GG air Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn a choisinn 6 tursan le Coinneach mar Stiùiriche, Inbhir Nis 2014 nam measg. Tha a’ chòisir cuideachd air a’ Phuirt-à-beul agus farpaisean nam fear a bhuannachadh iomadach turas.

Rè ùine sa chòisir, tha Coinneach air taic a thoirt do ghrunn dhaoine a th’ air Bonn Òir a choisinn agus tha e cuideachd air trì clàir a chlàradh leis a’ chòisir, am fear mu dheireadh dhiubh sin, Slighe an Airgid – The Silver Way a’ comharrachadh a 25mh ceann-bliadhna leotha. A thuilleadh air a’ chlàr, chaidh leabhar le còrr is 20 de cho-sheirmean Gàidhlig Choinnich fhoillseachadh fon aon ainm.

Cuideachd airson a’ 25mh ceann-bliadhna a chomharrachadh, chaidh prògram aithriseach a dhèanamh mu Choinneach airson BBC ALBA, Coinneach T.

Ann an 2013 agus e a’ comharrachadh 30 bliadhna aig an stiùir, chaidh Coinneach inntrigeadh dhan Hall of Fame aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba.

Ann an 2004 chaidh clàr Choinnich, Seòladh Dhachaigh, a chur mu sgaoil, clàr air an do nochd sàr cheòladairean Gàidhealach leithid Ailean MacEanraig, Ingrid NicEanraig agus Màiri Anna NicUalraig.

A thuilleadh air a bhith na stiùiriche air a’ chòisir, tha Coinneach air beartas cho-sheirmean Gàidhlig a dhèanamh do chòisirean - an toiseach dhan GG, ach an uair sin do chòisirean eile cuideachd – do sheinn cheathrar agus do sheinn càraid. Tha e air a bhith air iarraidh air co-sheirm a dhèanamh de dh’òrain ainmichte a’ Mhòid, agus tha e air grunn fhuinn agus òrain a sgrìobhadh – nam measg, bhalsaichean airson bainnsean a dhithis chloinne – Fergus agus Allison. Bidh e a’ dèanamh bùithtean-obrach mu sheinn còisir agus mu bhith a’ stiùireadh, agus tha e air a bhith na bhritheamh aig mòdan ionadail agus nàiseanta, a thuilleadh air an Fhèis Pan-Ceilteach ann an Killarney.

Bha Coinneach na Chathraiche air Comann nan Còisirean Gàidhlig airson iomadh bliadhna.

Choilean e gach nì fhad ’s a bha e cuideachd ag obair aig ìre-stiùiridh dha Seirbheis Nàiseanta na Slàinte. Tha ceangal eadar an dà chuid leis gu bheil Coinneach na “thosgaire” dha Music in Hospitals agus na chathraiche air a’ chomataidh a bhios a’ cur air adhart consairt Nollaig gach bliadhna dhan charthannas CLIC Sargent, a’ togail airgead do chlann le aillse.

On a leig e dheth a dhreuchd bho Sheirbheis Nàiseanta na Slàinte, tha Coinneach a’ cumail trang mar bhall de Bhòrd SNS, de Thribiùnailean Obrach, de Chomhairle Seirbheisean Sòisealta na h-Alba agus mar Neo-bhall de Chomataidh Rannsachaidh na Comhairle Cungaidhearan Coitcheann. Bha e cuideachd a’ teagasg Gàidhlig aig ìre bunaiteach ann am bun-sgoiltean ann an Taobh Siar Shiorrachd Dhùn Bhreatainn agus airson còig bliadhna bha e na Stiùiriche air An Lòchran – Buidheann nan Ealain Gàidhlig airson Glaschu.

Ann an 2007 chaidh Coinneach fhastadh airson pròiseact sònraichte a stiùireadh - pròiseact lèirsinneach far an deigheadh ceòl a chur ri cuid de na dàin aig Somhairle MhicGill-Eain. Chaidh cuirmean-ciùil le na pìosan a chaidh a chruthachadh a chumail sa Phloc, sa Ghearastan, ann am Port Rìgh, sa Chlais Mhòr, ann an Inbhir Nis agus ann an Inbhir Pheofharain. Am measg phròiseactan eile anns an robh An Lòchran an sàs bha “Flower of the West”, cuirm-chiùil a’ moladh sgrìobhaichean Runrig, Calum agus Ruairidh Dòmhnallach.

Rè ùine mar stiùiriche na còisir, bha Coinneach air tacsa fhaighinn bho a bhean, Valerie, agus ged a dh’aidicheadh i-fhèin nach robh i ro dhèidheil air seinn còisir, bha i daonnan mun cuairt, a’ cur taic ri obair Choinnich. Bha e na chùis-mhulaid nuair a bhàsaich Valerie san Iuchar 2009.

Na “ùine a bharrachd” is toigh le Coinneach a bhith a’ coimhead às dèidh na h-oghaichean agus a’ cur seachad samhraidhean sona na dhachaigh ann an Ìle.

 

Iomradh mu Choinneach MhicThòmais le Mina Nic a' Ghobhainn